Текстов песен в базе: 1 278 222
Luadh An Toraidh

Luadh An Toraidh

Karen Matheson

Текст песни

Uair a bha an tir mar fhàsach
Cha robh bròg a thogadh danns ann
‘s gann am beul a sheinneadh duan ann
Smior an dream mar ath-sgal tuamach
Creid ar nàimhdean is an cumhachd
Iad a dh’iarr ar muchadh buileach;
Ann an lagh is ann am foghlam
Dhiùlt iad dhuinn ar cliù 's ar còirean
Seòlta mar a chaidh ar mealladh
Gu bhi measadh faoin ar teanga
Gus an robh i cnàmhte 's anfhann
An impis a bhi suaint san anairt —
Thog sinn strì 's cha b’ann le fòirneart
Ach le fonn is ruighl' is òran
Cha b’e caismeachd tromh na sràide
Ach tromh a buadhan grinn, a Ghàidhlig
Seinn is seinn, O seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi
Seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho
Поделиться ссылкой:
Короткая ссылка: https://tekstpesni.ru/s/444o

Тексты других песен исполнителя

© 2017–2025 Тексты песен
Все тексты песен на сайте размещены пользователями, редакцией или собраны из открытых источников.
При копировании материалов ссылка на сайт обязательна.
Связаться
Уважаемые обладатели прав на музыку! На сайте не выкладывается музыка, ее нельзя скачать, послушать и тому подобное.