Turas San Lochmor
Julie Fowlis
Текст песни
An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
Gu falbhainn dh’aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall
Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann —
Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram
Diciadain dh’fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn
A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;
Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑
Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò
Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir
A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr
Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑
Gu seasainn fuachd nuair dh’fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'
Nuair dh’fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath
Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;
Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt
'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan
Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth
Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑
An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn
On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr
Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd
Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth
B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt'
Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird;
Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑
Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!
Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir
Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':
Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh
Gu gabhail ro aon ànranach a dh’fhàgadh an Lochmor
Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs'
Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!
Тексты других песен исполнителя
© 2017–2025
Тексты
песен
Все тексты песен на сайте размещены пользователями, редакцией или собраны из открытых источников.
При копировании материалов ссылка на сайт обязательна.
Уважаемые обладатели прав на музыку! На сайте не выкладывается музыка, ее нельзя скачать, послушать
и тому подобное.