Текстов песен в базе: 1 278 222
Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain

Siud Thu 'Ille Ruaidh Ghallain

Julie Fowlis

Текст песни

Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain
Shiùbhlainn leat an cuan fairis
Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain.
Nuair a dh’fhalbh sinn leis a' bhàta
Fhuair sinn treis a' bhàirlinn mara.
Cha robh againn ach luchd ceàirde
Gobha, 's gàirnealair 's ceannaich.
B' fheàrr leam am fear ruadh nam mhàthair
Nuair thàinig an gàbhadh tharainn.
An gobha dhèanadh na tàirnean
Lìrigeadh e 'n àird ri anam.
An gàirnealair bha sa ghàrradh
Cha b' ann air a' chàl bha aire.
An ceannaich aig a robh a' mhàileid
Fhuair e bhathar air a shailleadh.
Fear bha freasdal na h-aon làimhe
'S beag a b' fheàirrd' iad e sa chabhaig.
Gur e gaisgeachd agus cruadal
An fhir ruaidh thug sinn gu caladh.
Поделиться ссылкой:
Короткая ссылка: https://tekstpesni.ru/s/3Pdi

Тексты других песен исполнителя

© 2017–2025 Тексты песен
Все тексты песен на сайте размещены пользователями, редакцией или собраны из открытых источников.
При копировании материалов ссылка на сайт обязательна.
Связаться
Уважаемые обладатели прав на музыку! На сайте не выкладывается музыка, ее нельзя скачать, послушать и тому подобное.